6
Gu 'n togaidh Dia suas bhar 'n aireamh, Ann staid naomha.
'S cruaidh an càs sibh 'shearg gun chionta, Seòid bu phailte, 'S nach d'fhuaradh aobhar'n ar n-aghaidh, Ach mead bhur tuigse.
Thàinig braidheagh oirbh gun fhios duibh, Leom is duilich, Ma dh'fhalbhas a chlann so buileach, Smairg a' dh' fhuirich.
Cuiribhs bhur dochas 'san Ard riogh, A chlann chèillidh, 'S è sud am breithe gun fhallsa, Nach dean ea-ceir.
An tì chruthaich sibh an toiseach, 'N staid cheudfaich, Tha e fathast dhuibh cho-ghras-mhor, 'S a bha chéad uair.
'S iomad Marcaich luthor làidir, Thuit gu h ìosal, 'S a dh'eirich sochdair sàbhailt, Suas na dhiolaid.
Mar stiuìr Maois a chabhlach lion-mhor, 'S iad na'n eiginn, A mhac-samhail gun tarla dhuibhse, Ri uair feuma,